Check the progress of your entry
LOG IN HERE

Tha sinn air ar dòigh glan gun do bhuannaich Am Mòd Nàiseanta Rìoghail Pròiseact Coimhearsnachd na Bliadhna (le taic Isle of Barra Distillers) aig Duaisean Na Trads 2025. Tapadh le a h-uile duine a bhòt agus a thug taic dhan Mhòd.
’S e An Comunn Gàidhealach am buidheann ’s sinne ’s aithnichte ann an saoghal na Gàidhlig. Bhon a chaidh a stèidheachadh san Òban ann an 1891, tha An Comunn air cliù a dhearbhadh ann an teagasg, ionnsachadh agus cleachdadh a’ chànain agus air brosnachadh a thoirt dha leudachadh litreachas, eachdraidh, ceòl agus ealain na Gàidhlig. Leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fo sgèith agus obair leasachaidh sna coimhearsnachdan a’ dol am meud, tha An Comunn fhathast a’ daingneachadh na h-amais a bhith a’ brosnachadh agus a’ neartachadh cànan, cultar, eachdraidh agus dualchas na Gàidhlig aig ìrean ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

9 - 17 Dàmhair 2026 Glaschu
9 - 17 October 2026 Glasgow
8 - 16 Dàmhair 2027 Eileanan Siar
8 - 16 October 2027 Western Isles